Elgin Library-2

Elgin Library to host first ever Gaelic Bookbug Session

Elgin Library is to host its first ever Gaelic Bookbug Session later this month.

The 30-minute session, delivered in partnership with Moray Gaelic Group, will take place at 11am on Thursday 11 December and does not require any prior knowledge of Gaelic.

It will introduce simple songs, stories and rhymes in Gaelic and is open to babies, toddlers and their parents or carers.

A further bloc of Gaelic Bookbug events are planned for 2026, with dates to be confirmed.

Chair of Moray Council’s Education, Children’s and Leisure Services Committee, Councillor Kathleen Robertson, said: “Whether in Gaelic or English, Moray libraries Bookbug sessions are well worth attending. They provide an enjoyable opportunity for families to share stories, songs and nursery rhymes together in a relaxed setting.”

Attendance at the session is limited, and advance booking is recommended. You can book a place at the Gaelic Bookbug Session for free here.

Gaelic songs and rhymes can also be found on the Scottish Book Trust’s online song and rhyme library, and you can find out more about that here.

**

Leabharlann Eilginn gu bhith a’ cumail a’ chiad Sheisean Bookbug Gàidhlig riamh aca

Cumaidh Leabharlann Eilginn a’ chiad Sheisean Bookbug Gàidhlig aca riamh nas fhaide air a’ mhìos seo.

Thèid an seisean 30-mionaid, a bhios air a lìbhrigeadh ann an com-pàirteachas le Buidheann Gàidhlig Mhoireibh, a chumail aig 11m air Diardaoin 11 Dùbhlachd agus chan fheum Gàidhlig sam bith a bhith aig daoine ro làimh.

Bidh òrain, sgeulachdan agus rannan sìmplidh Gàidhlig ann agus tha e fosgailte do bhèibidhean is pàistean agus am pàrantan no luchd-cùraim.

Thathar a’ planadh sreath eile de thachartasan Bookbug Gàidhlig ann an 2026, agus thèid cinn-latha a dhaingneachadh fhathast.

Thuirt Cathraiche Comataidh Foghlaim, Chloinne agus Seirbheisean Cur-seachad Comhairle Mhoireibh, An Comhairliche Kathleen Robertson: “Is fhiach e a bhith an làthair aig seiseanan Bookbug leabharlannan Mhoireibh ann an Gàidhlig no Beurla. Tha iad a’ toirt cothrom tlachdmhor do theaghlaichean sgeulachdan, òrain agus rannan-chloinne a ghabhail còmhla ann an suidheachadh neo-fhoirmeil.”

Tha rùm san t-seisean cuingealaichte agus mar sin, thathar a’ moladh gun cuirear àite air dòigh ro-làimh. Faodar àite a chlàradh airson an t-Seisein Bookbug Gàidhlig an-asgaidh an seo.

Gheibhear òrain is rannan Gàidhlig cuideachd air leabharlann òrain is rannan air-loidhne Urras Leabhraichean na h-Alba, agus gheibhear barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn an seo.

Contact Information

Moray Council Press Office

pr@moray.gov.uk